’S e amas Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba (CLGA) teacsaichean fhoillseachadh anns a’ Ghàidhlig. Tha CLGA gu mòr an eisimeil air buill a’ Chomainn airson an dleastanas seo a choileanadh. Tha dàta pearsanta ar buill ga chruinneachadh nuair a thòisicheas a’ bhallrachd aca.
Cuin agus ciamar a bhios sinn a’ cruinneachadh an dàta agad?
Tha CLGA a’ cruinneachadh an dàta phearsanta agad bhon fhoirm-bhallrachd agad, agus nuair a sgrìobhas tu thugainn airson am fiosrachadh seo ùrachadh. Cha bhi sinn a’ cruinneachadh dàta pearsanta bho àite sam bith eile.
Dè an dàta pearsanta a tha sinn a’ cumail?
Cha bhi CLGA a’ sireadh fiosrachadh pearsanta ach d’ ainm, seòladh post-d agus seòladh-puist.
Carson a bhios sinn a’ cruinneachadh an dàta pearsanta agad?
Tha CLGA a’ cruinneachadh dàta pearsanta bho na buill aige airson conaltradh a chumail riutha air cùisean a’ buntainn ri CLGA agus airson na foillseachaidhean aige a chur thuca. Cha bhi sinn a’ reic no a’ toirt dàta pearsanta do dhaoine no do bhuidhnean eile.
Bunstèidh laghail airson an dàta agad a làimhseachadh
’S e cead a’ bhunstèidh laghail airson an dàta pearsanta agad a làimhseachadh, a’ ciallachadh gu bheil thu a’ toirt cead dhuinn nuair a bheir thu an dàta seo dhuinn nuair a thòisicheas do bhallrachd.
Dè cho fad ’s a bhios sinn a’ cumail an dàta phearsanta agad?
Cha bhi CLGA a’ cumail dàta pearsanta ach fhad ’s a tha duine na bhall den a’ Chomann.
Tèarainteachd
Tha CLGA dealasach a thaobh an dàta pearsanta agus a’ phrìobhaideachd agad a dhìon. Tha sinn a’ làimhseachadh an dàta agad ann an dòigh a tha a’ dèanamh cinnteach gu bheil an dàta pearsanta ga dhìon gu freagarrach, agus sin a’ toirt a-steach dìon an aghaidh làimhseachadh gun chead no mì-laghail, agus an aghaidh call tubaisteach, sgrios no milleadh, a’ leantainn chleachdaidhean freagarrach teicneòlach no rianachd a tha reachdasan co-aimisireil a’ moladh.
Na còraichean agad
Tha reachdasan dìon dàta pearsanta a’ toirt na còrach dhut:
- fiosrachadh fhaighinn: mun dòigh anns a bheil sinn a’ cruinneachadh agus a’ cleachdadh an dàta phearsanta agad
- so-ruigsinneachd: bheirear leth-bhreac den dàta phearsanta agad dhut ma chuireas tu iarrtas thugainn
- ceartachadh: nach iarr thu oirnn an dàta pearsanta agad a tha sinn a’ cumail a cheartachadh mur eil e ceart
- tarraing às (còir dìochuimhneachaidh): tha a’ chòir agad iarraidh oirnn cur às dhan dàta phearsanta agad
- cuingealachadh: tha a’ chòir agad iarraidh oirnn mar a làimhsichear an dàta pearsanta agad a chuingealachadh neo a mhùchadh
- cur an aghaidh: tha a’ chòir agad innse dhuinn nach fhaod sinn an dàta pearsanta agad a làmhseachadh
- so-ghiùlainteachd dàta: nithear cinnteach gun gabh an dàta pearsanta agad gluasad, leth-bhreac a dhèanamh dheth, no atharrachadh bho aon àrainneachd theicneòlach gu tè eile
Ma tha thu airson na còraichean agad a chur an gnìomh, nach cuir thu fios gu CLGA aig fiossgts@outlook.com.
Briseadh riaghailtean air dàta pearsanta a dhìon
Ma tha thu mothachail air briseadh anns na riaghailtean air dàta pearsanta a dhìon, nach cuir thu fios gu CLGA anns a’ bhad aig fiossgts@outlook.com.