Eachdraidh ghoirid de Chomann Litreachas Gàidhlig na h-Alba
Stèidhichte sa Ghiblean 1934, dh’fhoillsich an Comann a chiad imleabhar ann an 1937: Scottish Verse from the Book of the Dean of Lismore air a dheasachadh le Uilleam I. MacBhatair. Chuir seo slat-tomhais sgoilearach mu choinneamh nam foillseachaidhean eile, agus sa bhad thàinig an t-imleabhar seo gu bhith na leabhar-teacsa ùghdarrasail do dh’oileanaich na Gàidhlig ann an oilthighean is ann an sgoiltean.
Chuir an Dàrna Cogadh stad air obair foillseachaidh a’ Chomainn, ach san Ògmhios 1947 chaidh an Comann ath-stèidheachadh gu foirmeil agus ann an 1952 nochd an ceathramh imleabhar, The Songs of Duncan Ban MacIntyre | Òrain Dhonnchaidh Bhàin, deasaichte le Aonghas MacLeòid. Dh’fhàs an cruinneachadh seo cho soirbheachail is gun robh feum air ath-cho-bhualadh anns na seachdadan.
Ann an 1996, leis a’ chruinneachadh Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems air a dheasachadh le Ruaraidh MacThòmais, stèidhich an Comann ‘Sreath Ùr’ de dheasachaidhean ann an còmhdach bog agus as aonais eadar-theangachaidhean Beurla. B’e an dàrna imleabhar san t-Sreath Ùr, Màiri Mhòr nan Òran (deasaichte le Dòmhnall E. Meek), a’ chiad leabhar riamh aig a’ Chomann a bha air a dheasachadh ann an Gàidhlig.
Gu ruige seo (2017), tha an Comann air 29 imleabhraichean fhoillseachadh. ’S iad an fheadhainn as ùire Laoidhean Spioradail Dhùghaill Bhochanain, deasaichte le Dòmhnall E. Meek, agus Còmhraidhean nan Cnoc: the nineteenth-century Gaelic prose dialogue, deasaichte le Sheila M. Kidd.
(Airson cunntas nas iomlaine, faic gu h-ìseal.)
Eachdraidh Chomann Litreachas Gàidhlig na h-Alba
Nuair a chuir an t-Àrd-Ollamh Uilleam Iain MacBhatair Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba air bhonn an toiseach, sa Ghiblean 1934, chaidh ùidh glè mhòr a nochdadh ann. Dh’fhoillsicheadh a’ chiad imleabhar ann an 1937: Scottish Verse from the Book of the Dean of Lismore, agus gu h-iomchaidh b’ e an t-Àrd-Oll. MacBhatair fhèin a dheasaich e. Dh’fhaodte gur e toiseach tòiseachaidh gu math slaodach a bh’ ann am beachd chuid— a bhith a’ toirt trì bliadhna gus a’ chiad imleabhar a chur a-mach— ach cha bu mhiste cuimhneachadh gum faodadh obair mhòr fhèin a bhith an lùib an deasachaidh. Bha a’ chiad imleabhar seo an ìre mhath a’ riochdachadh obair beatha sàr-sgoileir, agus, mar chiad fhoillseachadh a’ Chomainn, cha b’ urrainn dha a bhith na b’ fheàrr. Mar a bha MacBhatair fhèin air a ràdh na òraid fhosglaidh dhan Chomann, bha cruinneachadh an Deadhain fhèin a’ comharrachadh fìor thoiseach nan oidhirpean gus litreachas na Gàidhlig ann an Alba a ghleidheadh, agus stèidhich deasachadh MhicBhatair inbhean sgoilearach a bha feumail is buannachdail airson nam foillseachaidhean a thàinig às a dhèidh. Anns a’ bhad thàinig an leabhar gu bhith air a chleachdadh mar leabhar-teacsa coitcheann do dh’oileanaich na Gàidhlig ann an roinnean oilthighe agus sgoiltean. Aig an aon àm, a bharrachd air an deasachadh iomlan, chuir an Comann a-mach deasachadh den teacsa Ghàidhlig a-mhàin, às aonais notaichean no eadar-theangachaidhean, gu sònraichte airson a chleachdadh ann an sgoiltean. Bha e mar ghnàths aig a’ Chomann deasachaidhean mar seo a chur a-mach nuair bu fhreagarrach, ach chaidh stad a chur air seo ann an 1964, agus a rèir coltais na deasachaidhean iomlan a’ còrdadh na b’ fheàrr ris na sgoiltean.
Dìreach ron Dàrna Cogadh, ann an 1939, dh’fhoillsich an Comann dà imleabhar eile. Chaidh an dàrna foillseachadh, The Songs of John MacCodrum, a dheasachadh le Mgr Uilleam MacMhathain nach maireann, a bha na Cheann-suidhe Urramach air a’ Chomann airson iomadh bliadhna, agus tha an leabhar aige air a bhith a-mach à clò bho 1965. B’ e an t-Urr. Niall Ros a dheasaich treas foillseachadh a’ Chomainn, Heroic Poetry from the Book of the Dean of Lismore, agus cha do nochd e gu greis às dèidh dhan a’ Chogadh tòiseachadh. Tha an leabhar seo cuideachd air a bhith a-mach à clò bho 1967. Thathar an dùil deasachaidhean ùra leasaichte de na cruinneachaidhean sin a thoirt gu buil fhathast.
Mar a ghabhas tuigsinn, chuir an Dàrna Cogadh stad uile gu lèir air prògram foillseachaidh a’ Chomainn, agus cha deach obair sam bith a dhèanamh airson cha mhòr sia bliadhna. Chaidh an Comann ath-bheothachadh a-rithist anmoch ann an 1946, agus anns an Ògmhios 1947 chaidh ath-stèidheachadh gu foirmeil, leis an Àrd-Ollamh MacBhatair mar Cheann-suidhe Urramach. Thàinig a’ chiad fhoillseachadh às dèidh a’ Chogaidh— an ceathramh san t-sreath— a-mach ann an 1952, nuair a nochd The Songs of Duncan Ban MacIntyre | Òrain Dhonnchaidh Bhàin, air a dheasachadh le Mgr Aonghas MacLeòid, Ceannard Àrd-sgoil an Òbain. Ged a bha an leabhar seo gu math na b’ fhaide is na bu dhaoire na bha an Comann a’ dùileachadh, bha fèill cho mòr air is gum b’ fheudar ath-chlo-bhualadh a dhèanamh ann an 1978.
Tha sruth cunbhalach de dheasachaidhean ùghdarrasail air nochdadh chun an là an-diugh, agus tha am pailteas ri thighinn fhathast gus adhbhar tùsail is leantainneach a’ Chomainn a choileanadh. Ann an 1996 chuir an t-Àrd-Ollamh Ruaraidh MacThòmais air bhog ‘Sreath Ùr’ co-shìnteach, leis a’ chruinneachadh aige Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair: Selected Poems. B’ e amas an t-sreath ùir a bhith a’ toirt seachad taghadh bho obair sgrìobhaiche fa leth (no cruinneachadh iomlan mura robh meud na h-obrach ach beag co-dhiù), le deasbaireachd agus notaichean na chois far am bu fhreagarrach, ach gun eadar-theangachaidhean Beurla. Ann an 1999 nochd an dàrna imleabhar san t-sreath seo: Màiri Mhòr nan Oran – deasachadh ùr den leabhar aig an Àrd-Ollamh Dòmhnall E. Meek (bho 1977) mun a’ bhana-bhàrd Sgitheanach Màiri nighean Iain Bhàin, agus a’ chiad dheasachadh làn Ghàidhlig a chuir an Comann an clò riamh.
Bhon a chaidh an Comann a chur air bhonn ann an 1934 sìos chun an latha an-diugh (2017), ’s e ochd imleabhraichean fichead a chaidh fhoillseachadh uile gu lèir. (A bharrachd, chaidh grunn leabhraichean ath-chlò-bhualadh agus chaidh ath-cheangal a dhèanamh air an stoc dhuilleagan.) Ma choimheadar air cuspairean nan leabhraichean, chithear gu bheil naoi tiotalan deug a’ buntainn ri bàrdachd, agus naoi a-mhàin a’ buntainn ri rosg – ach dh’fhaodte nach eil sin na iongnadh. Anns an là a th’ ann, tha cuspairean nan imleabhraichean air an taghadh an ìre mhath a rèir an luchd-deasachaidh a tha rim faotainn agus a tha deònach an obair a ghabhail os làimh. Dh’fhaodte nach eil e na iongnadh nas mò gun robh cuideam mòr ga chur air teacsaichean bhon t-siathamh linn deug chun an ochdamh linn deug, ach tha grunn imleabhraichean air buntainn ris an 20mh linn (leithid obair a’ bhàird Dòmhnall Mac an t-Saoir agus sgrìobhaichean rosg ùr-nodha mar Dòmhnall MacFhionghain, Dòmhnall MacLaomainn, Coinneach MacLeòid, agus Tòmas MacCalmain); agus tha cruinneachaidhean agus sùil aca air an naoidheamh linn deug (an dà chuid an cultar beul-aithriseach agus an litreachas sgrìobhte) air dhol am meud mar an ceudna.