Cò Sinne

Leis gu bheil an Comann glè shònraichte na nàdar chan eil a’ bhallrachd againn riamh air a bhith ro mhòr. Tha a’ mhòrchuid den bhallrachd againn ann an Alba fhèin, ach tha buill cuideachd sgaoilte air feadh an t-saoghail, m.e. ann an Èirinn, Canada, Astràilia, sna Stàitean Aonaichte, san Fhionnlann, agus iomadh àite eile.

Tha cuid de na sgoilearan Gàidhlig as cliùitiche nan latha air a bith nan oifigearan is nan luchd-deasachaidh aig a’ Chomann, leithid nan Àrd-Ollamhan Uilleam I. MacBhàtair, Aonghas MacMhathain agus Ruaraidh MacThòmais, agus an Ollaimh Iain Latharna Caimbeul.

Tha an dleastanas airson a bhith a’ ruith a’ Chomainn a’ tuiteam air a chuid Oifigearan agus air a’ Chomhairle Ghnìomhach. Tha iad sin air an taghadh aig an Àrd-Choinneimh Bhliadhnail.

Oifigearan Làithreach

  • Ceann-suidhe Urramach: an t-Àrd-Oll. Colm Ó Baoill
  • Ceann-suidhe: an t-Oll. Sheila M. Kidd
  • Iar-cheann-suidhe: an t-Àrd-Oll. Uilleam MacGill-Ìosa
  • Deasaiche Stiùireachail: an t-Àrd-Oll. Dòmhnall E. Meek
  • Rùnaire: an t-Oll. M. Pía Coira
  • Ionmhasair: Roderick Taylor

Buill den Chomhairle Ghnìomhaich

  • an t-Oll. Michel Byrne, Oilthigh Ghlaschu
  • an t-Oll. Ulrike Hogg, Leabharlann Nàiseanta na h-Alba
  • an t-Oll. Will Lamb, Oilthigh Dhùn Èideann
  • Iain Dòmhnallach, Glaschu
  • an t-Àrd-Oll. Wilson MacLeòid, Oilthigh Dhùn Èideann
  • an t-Oll. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, Oilthigh na Gàidhealtachd
  • an t-Oll. Moray Watson, Oilthigh Obar Dheathain
  • an t-Oll. Seumas Gleasure (Ball Urramach)