Còmhraidhean nan Cnoc – leabhar bliadhnail a’ Chomainn (2017) a-nise sna bùithtean!

Tha an leabhar tomadach seo, a tha stèidhte air bliadhnachan mòra de rannsachadh, a’ toirt dhuinn cruinneachadh de 35 ‘còmhraidhean’ bho irisean Gàidhlig à  Alba, Canada agus Astràlia, air iomadh cuspair, ’s iad air an deasachadh ’s air am mìneachadh gu soilleir ’s gu sgoileireil leis an Dotair Sheila M. Kidd bho Oilthigh Ghlaschu,.

Cuirear an leabhar air bhog ann an Oilthigh Ghlaschu

Dimàirt 31 Faoilleach 2017,

aig 17.30,

ann an Roinn na Ceiltis ’s na Gàidhlig,

3 Gàrraidhean an Oilthighe, Glaschu G12.

Bidh fàilte ro na h-uile!

Faigh an leabhar an seo: http://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&product_id=1294

Ciad Òraid Chanaidh

Chaidh a’ chiad òraid de shreath ùr òraidean bliadhnail stèidhte leis a’ Chomann, Òraidean Chanaidh, a lìbhrigeadh oidhche Luain, 17 Dàmhair 2016, leis an Àrd-Ollamh chliùiteach Dòmhnall Meek, ann an Eaglais an Naoimh Seòras, Sràid Bhochanan, Glaschu.

B’ e an cuspair air a robh an t-Àrd-Ollamh Meek a’ bruidhinn:

‘Dugald Buchanan (1716‒1768): man, myth and scholarly circle.’

’S e an t-Àrd-Oll. Meek a dheasaich leabhar bliadhnail a’ Chomainn (2016): Laoidhean spioradail Dhùghaill Bhochanain: Deasachadh ùr is ath-sgrùdadh air beatha is saothair a’ bhàird.

http://gaelicbooks.org/index.php?route=product/product&path=59_63&product_id=1125 

9 Sultain 2016: Co-labhairt MhicLathagain

Thug an Comann taic-mhaoineachaidh do cho-labhairt aig Oilthigh Ghlaschu mun chruinneachadh ainmeil aig Seumas MacLathagain (Leabharlann Oilthigh Ghlaschu, LS Gen 1042):

“An t-Urr. Seumas MacLathagain (1728‒1805) agus a làmh-sgrìobhainnean   |   The Rev. James McLagan (1728‒1805) and his manuscripts” 

http://www.gla.ac.uk/schools/humanities/latestnews/headline_456891_en.html

http://special.lib.gla.ac.uk/manuscripts/search/detail_c.cfm?ID=606

https://gaelicenlightenment.wordpress.com/