Fàilte

Fàilte gu Comunn Litreachas Gàidhlig na h-Alba.

Faodaidh sibh leabhraichean a cheannach an seo, an cois naidheachd a leughadh.

Tha sinn an dòchas gun còrd an làrach-lìn ùr ribh!

Nuair a chuireadh air bhonn Comann Litreachas Gàidhlig na h-Alba air 13 Giblean 1934,  mhìnich an t-Àrd-Ollamh Uilleam I. MacBhatair, Àrd-Ollamh na Ceiltis aig Oilthigh Dhùn Èideann, gum b’ e adhbhar a’ Chomainn

 

litreachas fhoillseachadh ann an Gàidhlig na h-Alba, le ro-ràdhan, eadar-theangachaidhean Beurla, beag-fhaclairean agus notaichean mar a thathar a’ meas iomchaidh. (eadar-theangachadh)

 

’S e seo fhathast adhbhar a’ Chomainn.

Gu h-ìseal tha fiosrachadh mu na foillseachaidhean a tha ri thighinn bhon a’ Chomann.  Cuir fios chun a’ Chomainn gus òrdugh tràth a chur a-steach.

Gus raon iomlan nan imleabhraichean CLGA a tha rim faotainn an-dràsta fhaicinn, theirig gu Foillseachaidhean agus cliog air ‘ceannaich’ gus am foillseachadh sin a chur dhan bhasgaid agad.

Tadhail air an earrainn naidheachdan agus tachartasan bho àm gu àm airson fios mu thachartasan is fhoillseachaidhean ùra.